/usr/share/games/marsshooter/locales/Gaelic.txt is in marsshooter-data 0.7.6-2.
This file is owned by root:root, with mode 0o644.
The actual contents of the file can be viewed below.
1 2 3 4 5 6 7 8 9 10 11 12 13 14 15 16 17 18 19 20 21 22 23 24 25 26 27 28 29 30 31 32 33 34 35 36 37 38 39 40 41 42 43 44 45 46 47 48 49 50 51 52 53 54 55 56 57 58 59 60 61 62 63 64 65 66 67 68 69 70 71 72 73 74 75 76 77 78 79 80 81 82 83 84 85 86 87 88 89 90 91 92 93 94 95 96 97 98 99 100 101 102 103 104 105 106 107 108 109 110 111 112 113 114 115 116 117 118 119 120 121 122 123 124 125 126 127 128 129 130 131 132 133 134 135 136 137 138 139 140 141 142 143 144 145 146 147 148 149 150 151 152 153 154 155 156 157 158 159 160 161 162 163 164 165 166 167 168 169 170 171 172 173 174 175 176 177 178 179 180 181 182 183 184 185 186 187 188 189 190 191 192 193 194 195 196 197 198 199 200 201 202 203 204 205 206 207 208 209 210 211 212 213 214 215 216 217 218 219 220 221 222 223 224 225 226 227 228 229 230 231 232 233 234 235 236 237 238 239 240 241 242 243 244 245 246 247 248 249 250 251 252 253 254 255 256 257 258 259 260 261 262 263 264 265 266 267 268 269 270 271 272 273 274 275 276 277 278 279 280 281 282 283 284 285 286 287 288 289 290 291 292 293 294 295 296 297 298 299 300 301 302 303 304 305 306 307 308 309 310 311 312 313 314 315 316 317 318 319 320 321 322 323 324 325 326 327 328 329 330 331 332 333 334 335 336 337 338 339 340 341 342 343 344 345 346 347 348 349 350 351 352 353 354 355 356 357 358 359 360 361 362 363 364 365 366 367 368 369 370 371 372 373 374 375 376 | // Scottish Gaelic translation made by:
// GunChleoc
//
// Please comment any changes you make to the file (required by the GPL license),
// and leave an e-mail address where later contributors can contact you!
// menu buttons
000 Geama ionadail
105 Oideachadh
001 Geama lìonraidh ùr
002 Geama lìonraidh a tha ann
003 Roghainnean
004 Mu dhèidhinn
005 Fàg M.A.R.S.
006 Lean air adhart
007 Ath-thòisich an geama
008 Falaich an clàr-taice
009 Till gun phrìomh chlàr-taice
// standard buttons
010 Tòisich
011 Sguir dheth
012 Tuairisgeul
013 Dùin
014 Ceadachas
015 Ceart ma-thà
106 Air adhart
016 Seall am fiosrachadh seo a-rithist.
// pregame options
017 Sgioba an taoibh chlì
018 Sgioba an taoibh dheis
019 Botaichean an taoibh chlì
020 Botaichean an taoibh dheis
021 Botaichean
022 Sgriosan
162 Puingean beatha nam planaid
056 Na h-airm
203 Airm
204 Comasan sònraichte
166 Uiread nan cumhachdan
167 Duilgheadas nam bot
159 Roghainnean a' gheama
257 Cluicheadairean
// story information
023 Sa bhliadhna 3547, tha sìobhaltasan air tuineachadh air na planaidean aca fhèin air feadh an reul-chriosa, a' tighinn beò le sìth 's còrdadh san àrainneachd. \nAch taobh a-muigh nan àrainnean smaoineachail, tha fearg a' CHOGAIDH MHÒIR. \n'S e gaisgeach cliùiteach a th' annad an tòir onair 's sealbh agus feumaidh tu a' phlanaid agad fhèin a dhìon on mhilleadh a chuireadh na nàbaidhean farmadach oirbh!\nDèan an t-sabaid mar bu dual dhan ghaisgeach: BALL-FÀNAIS. \nDìon a' phlanaid agad o chruinne a' bhàis agus buail e ri planaid amaideach nan nàimhdean gus ruaig a chur orra.
024 Breab no loisg am bàla gu planaid no nàmhaid!
025 Chaill thu a h-uile rud air thoradh a' CHOGAIDH MHÒIR: do dhachaigh, do theaghlach agus\ndo fhèin-spèis. \nIs an teans mu dheireadh agad gus teicheadh on bheatha truagh seo gun tèid thu 'nad ghladair ann an raon\nGEAMA a' BHÀIS ghlòrmhòr. \nSeas an aghaidh nan gaisgeach eile agus buain puingean a' sgrios nan caochagan a bheil "soithich" aca orra. \nDèan ullachadh! \nTha bàs is cliù romhad.
026 Mill an uiread de nàimhdean a ghabhas!
027 Dh'fhàillig leis a' cho-rèiteachadh! \nTha an dà chuid thu fhèin agus do nàbaidhean air mòran dhaoine a chall air thoradh a' CHOGAIDH MHÒIR gun chrìch. \nMar an oidhirp mu dheireadh ach am buannaicheadh sibh, fhuair thu òrdugh gus stòrasan an nàmhaid a sgrios agus na stòrasan agad fhèin a dhìon. Chan eil fuasgladh ann ach GEAMA a' BHÀIS ann an SGIOBA. \nDìon do chuideachd agus mill na nàimhdean! \nIonnsaich leasan dhaibh nach dìochuimhnich iad gu bràth tuilleadh.
028 Mill an uiread de nàimhdean a ghabhas!
029 Mar nach fhòghnadh an COGADH MÒR, tha siostam nam planaidean agad fo bhagairt o thùs ùr an uilc: Tha mòr-shoitheach aig ionnsaighich neo-aithnichte 'na thàmh os cionn an reul-chriosa agad, ag amas air na planaidean-dachaigh le mòr-arm lèirsgriosa. \nMar chùis-ghairge, thuit na h-ionnsaighearan inneal-smachd cèin gus an t-adhbhar bàis is eagail a chur air gleus. \nRuig e an toiseach ach an dèan thu fàsach de phlanaid an nàmhaid! \nBidh 'nad GHLÈIDHEADAIR-CANAIN.
030 Tog an t-inneal-smachd cèin agus cum e cho fada 's as urrainn dhut!
206 On a tha an COGADH MÒR air a' mhòrchuid dhe na stòrasan a chaitheamh, tha na h-eòlaichean a' sireadh dòigh gus an nàmhaid a mhilleadh gu h-èifeachdach le cuingeachadh air caitheamh connadh nan arm. Às dèidh rannsachaidh fhada, chruthaich iad arm ùr le feart iongantach: Marbhaidh e sa bhad ach tha na peilearan fo bhuaidh mhòr an na iom-tharraing agus duilich làimhseachadh. Seo an t-ainm a chuir iad air: CÀRAICHEAR-UAIGH! \n \nGu mì-fhortanach, ghoid cuideigin an teicneolas agus tha an t-arm olc aig na nàimhdean cuideachd. Tha e an urra riutsa a-nis: Cuir ruaig air na mèirlich ud san t-SLOC-UAIGH-CHÀRAIDH mòr 's faigh làmh an uachdair orra. \n \nBuannaich an cath seo agus dh'fhaoidte gum buannaich thu an COGADH MÒR.
207 Mill an uiread de nàimhdean a ghabhas!
// display options
// tabs
150 Eadar-aghaidh
165 Cluiche
102 Grafaigeachd
103 Fuaim
// interface Options
104 Roghainnean na h-uinneige
031 Fiosrachadh dì-bhugachaidh
032 Comhair nam bot
033 Roinnean
034 Slighean IF
035 Seall fiosrachadh a' gheama
036 Frèamaichean gach diog
215 Roghainnean coitcheann
152 Cànan
153 Hotkey airson glacaidhean-sgrìn
054 Fòrmat nan glacaidhean-sgrìn
242 Hotkey airson na stadastaireachd
// graphics options
037 Àireamh nam mìrean
038 Àireamh nam mìrean
039 Beò nam mìrean
040 Roghainnean a' gheama
041 Làn-sgrìn
042 Sioncronachadh-V
055 Seall gliocasan-sgrìn
163 Èifeachdan sgàileadair
164 Gu mì-fhortanach, cha chuir am bathar-cruaidh agad taic ri sgàileadairean!
151 Dùmhlachd-bhreacaidh àrd nan rionnagan sa chùlaibh
265 Rionnagan a' gluasad
173 Dùmhlachd-bhreacaidh
174 Doimhne nan dath
// gameplay options
216 Èifeachdan sònraichte
168 Mall-ghluasad nam spreadhadh
169 Dheth
268 Luaths a' gheama
// audio options
123 Roghainnean na h-àirde
043 Ceòl
044 Èifeachdan fuaime
045 Brathan
128 Cluich an ath-thraca
129 Roghainnean cluiche
261 Cluich an traca roimhe
262 Cluich tracaichean air thuaiream
// player options
046 Ainm
047 Luathachadh
048 Tionndadh gu clì
049 Tionndadh gu deas
050 Arm
175 Comas sònraichte
217 Roghainnean an t-soithich
051 Soitheach
052 Dath a' chluicheadair
053 Dath an sgioba
// about
057 Seo a' chiad oidhirp gus geama a chruthachadh ann an OpenGL le SFML. Seo geama airson dà chluicheadair a stiùiricheas soithichean ann am fànais le dà dhimeinsean fo bhuaidh laghan an iom-tharraing. \n\nDuilleag-dhachaigh: \nhttp://www.marsshooter.org\n\n© 2010-2011 Felix Lauer agus Simon Schneegans
// license
058 'S e bhathar-bog saor a tha sa phrògram seo; faodaidh tu a sgaoileadh no atharrachadh fo theirmichean a' GNU General Public License mar a chaidh foillseachadh le Free Software Foundation; tionndadh 3 dhen cheadachas no (le do roghainn fhèin) tionndadh as ùire dheth. \n\nTha am prògram seo 'ga sgaoileadh is sinne an dòchas gum bi e gu feum ach 's ann as aonais barantais sam bith; fiù às aonais barantas fillte a thaobh SO-MHARSANTACHD no ION-FHREAGARRACHD A CHUM FEUM SAM BITH. Faic a' GNU General Public License airson barrachd fiosrachaidh. \n\nRi fhaighinn air loidhne air:\nhttp://www.gnu.org/licenses/gpl-3.0.html
// credits
170 Cliù
171 Taing shònraichte gu:
172 Eadar-theangachaidhean:\n Arabais: Majid\n Sìnis: Wecing\n Seicis: Mates\n Fionnlannais: Paavo\n Frangais: Ludovic\n Gearmailtis: Atto\n Hindi: Antriksh agus Aakanksh\n Ungairis: Papp Bence\n Eadailtis: Proch\n Pòlainnis: command_dos\n Portagailis: Vitor\n Ruisis: Drakmail\n Spàinntis: Gastón\n Suainis: Henrik\n\nTaic le còdachadh:\n Werner agus Deubeuliou\n\nDeuchainnean agus taic cruthachail:\n Heinrich, Martin, Bastian, Sandra, Diana.
// quit
059 A bheil thu airson fàgail gu dearbh?
060 A bheil thu airson crìoch a chur air a' gheama?
// network information
061 Tha geamannan M.A.R.S. air loidhne no air lìonra ionadail fainear dhuinn ach cha do chruthaich sinn seo fhathast. \n\nCum sùil air seo!
062 Tha geamannan M.A.R.S. air loidhne no air lìonra ionadail fainear dhuinn ach cha do chruthaich sinn seo fhathast. \n\nCum sùil air seo!
// hide menu
063 Na chuir thu M.A.R.S. 'na stad ann an teas-mheadhan blàir chruaidh? \nMa tha thu airson glacadh-sgrìn a thogail, leigidh am putan seo leat pàipearan-balla iongantach a chruthachadh on a thèid gach uinneag a' falach. \n\nBheir thu air ais iad le brùthadh air ESC.
// key names
064 Cuir ris
065 Slais air ais
066 Cromag
067 Sgrìob
068 Delete
069 Roinneadh
070 Sìos
071 End
072 Co-ionnanachd
073 Home
074 Insert
075 Alt clì
076 Bracaid chlì
077 Control clì
078 Gu clì
079 Sioft chlì
080 Super clì
081 Clàr-taice
082 Iomadachadh
083 Duilleag sìos
084 Duilleag suas
085 Pause
086 Puing
087 Quote
088 Alt deas
089 Bracaid dheas
090 Control deas
091 Enter
092 Gu deas
093 Shioft dheas
094 Super deas
095 Leth-chòilean
096 Slais
097 Space
098 Toirt air falbh
099 Tonn
100 Taba
101 Suas
// Joystick button names
218 Putan A
219 Putan B
220 Putan X
221 Putan Y
222 Putan tòiseachaidh
223 Putan air ais
224 Bumpair deas
225 Bumpair clì
226 Trigear deas
227 Trigear clì
228 Comhair suas
229 Comhair sìos
230 Comhair gu clì
231 Comhair gu deas
232 Stick1 suas
233 Stick1 sìos
234 Stick1 gu clì
235 Stick1 gu deas
236 Stick2 suas
237 Stick2 sìos
238 Stick2 gu clì
239 Stick2 gu deas
240 Joystick
241 Putan
// tutorial texts
212 Hoigh, {PLAYER1_NAME}!
213 Abair ainm dona... An cuir thu fear as fhearr ann?
107 Fàilte ort, a nuadh-mhìlidh!
108 Tha sinn toilichte gun do thrus sinn mìlidh mar a tha thu fhèin, {PLAYER1_NAME}, ach an cuidich thu leinn sa CHOGADH MHÒR!\nCha chreid sinn nach eil thu feumach air beagan cleachdaidh leis an t-soitheach ùr agad.\nTòisicheamaid air an trèanadh...
109 Gluasad bunasach...
110 'S e an comas as cudromaiche a dh'fheumas tu ionnsachadh gun cum thu smachd air an t-soitheach agad.\nTha gach gluasad fo smachd laghan na h-iom-tharraing. Gus maille a chur ort, feumaidh tu tionndadh an comhair a' chùil agus luathachadh dhan chomhair ud. Cum smachd air an t-soitheach agad leis na h-iuchraichean <{PLAYER1_KEY_UP}>, <{PLAYER1_KEY_LEFT}> agus <{PLAYER1_KEY_RIGHT}>!
111 A' teasachadh!
112 Ruig an roinn phinc!\nFeuch nach buail thu ri planaid leis an t-soitheach spaideil ùr agad.
113 Sin thu fhèin, {PLAYER1_NAME}!
114 Till dhan phlanaid-dhachaigh agad a-nis agus laigh air an talamh leis an t-soitheach agad 's tu a' dol an comhair a' chùil gu slaodach nuair a theannas tu air a' planaid agad.
115 Sàr-obair!
116 Chan eil e furasta laighe mar bu chòir, a bheil?\nBu chòir dhut seo ionnsachadh gu math.
117 Rudeigin beagan nas dorra...
118 Feuch an lean thu an t-slighe a nochdaidh na roinnean pince dhut!\nFeuchaidh sinn gum bruidhinn sinn riut a-rithist nuair a bhios tu air seo ionnsachadh.\nSiuthad a-nis!
119 Iongantach math!
120 'S tusa an nuadh-mhìlidh as fhearr a chunnaic sinn a-riamh.\nNise, dèan ullachadh airson stuth spreadhach.
121 A' losgadh...
122 Feumaidh tu ionnsachadh mar a loisgeas tu air an nàmhaid ach an cuir thu ruaig air!\nGus seo a dhèanamh, brùth air <{PLAYER1_KEY_FIRE}>. \nGabh tlachd às an losgadh agus an uairsin laigh an soitheach agad gus leantainn air adhart leis an oideachadh.
124 Abair laighe mhath, {PLAYER1_NAME}!
125 'S e sàr-phaidhleat a th' annad.\nNise, nach toir sinn airm ùra dhut?
126 Na h-airm...
127 Tha fios againn gun robh fiughar agad ri seo. Nuair a bhios tu san doca, 's urrainn dhut taghadh eadar roghainn de dh'airm uabhasach olca. Brùth air <{PLAYER1_KEY_FIRE}> gus an arm-lann agad fhosgladh.\nAn uairsin, cleachd <{PLAYER1_KEY_LEFT}> agus <{PLAYER1_KEY_RIGHT}> gus arm a thaghadh! \nTog ort a-rithist nuair a bhios tu ullamh!
130 Sabaid!
131 Nise, chì sinn mar a thèid leat an aghaidh nuadh-mhìlidh o phlanaid eile. Tha e a' feuchainn ri piseach a thoirt air a chomas sabaide a-rèir coltais.\nCuir ruaig air!
132 Drùidhteach!
133 Rinn thu a' chùis air! Mar a mhothaich thu 's dòcha, nochd rionnag bheag os cionn an t-soithich agad. Mar as motha de nàimhdean a mharbhas tu, 's ann as motha dhiubh a nochdas. Ach chan e comharra sgriosa a th' annta a-mhàin! \nLaigh a-rithist agus seallaidh sinn dhut dè eile a nì thu le rionnagan.
208 Comasan sònraichte...
209 Mar a gheall sinn dhut, mìnichidh sinn dhut dè as ciall dha na rionnagan. 'S e stòras a th' annta airson nan comasan sònraichte iongantach aig an t-soitheach agad. Mar eisimpleir, 's urrainn dhut do shlànachadh fhèin agus na caraidean a tha faisg ort, milleadh a dhèanamh no soithichean am broinn astair shònraichte a reòthadh! \nMar as motha de rionnagan a bhios agad, 's ann as motha a bhios astar agus neart a' chomais.
210 Taghadh...
211 Gus leum a ghearradh tro na comasan, feumaidh tu brùthadh air <{PLAYER1_KEY_SPECIAL}>. Siubhal tromhpa le <{PLAYER1_KEY_LEFT}> agus <{PLAYER1_KEY_RIGHT}> gus fear a thaghadh! \nAirson an aonaid seo, tagh a' "Freezer"! Tog ort nuair a bhios e agad!
245 Stad, {PLAYER1_NAME}!
246 Dh'innis sinn dhut gun cleachd thu a' Freezer ach thagh thu comas eile!\nLaigh a-rithist agus tog a' Freezer!
247 A' Freezer...
248 Seo comas sònraichte cumhachdach a reòthas soithichean am fagas. \nFeumaidh tu teannadh dhan nàmhaid 's an uairsin brùthadh air <{PLAYER1_KEY_SPECIAL}> ach an reòth thu e. Coimhead air fhad 's a tha e a' call a bheatha gu slaodach... gus am faigh e bàs!
249 Dèan cleachdadh!
250 Nise, feuch an reòth thu an nàmhaid! \nBheir sinn rionnagan-sgrìosa dhut airson an oideachaidh seo. Ach thoir an aire: mar as àbhaist, feumaidh tu nàimhdean a sgrios ach am faigh thu na rionnagan ud!
251 Cha do bhuail thu air, {PLAYER1_NAME}!
252 Feuch ris a-rithist, bheir sinn barrachd rionnagan-sgriosa dhut.
253 Rinn thu a' chùis air!
254 Nise, till dhachaigh agus tagh comas sònraichte eile!
255 Thoir an aire, {PLAYER1_NAME}!
256 Chan eil ùine air fàgail oirnn airson barrachd feuchainn!\nTha na nàimhdean againn air dithis fhìor-ghaisgeach a chur gus dìoghaltas a ghabhail oirnn!
134 Cuir ruaig orra!
135 Dearbhaich na sgilean agad! Faigh co-dhiù còig puingean a' marbhadh an nàmhaid! Thèid an sgòr a th' agad a shealltainn ri taobh d' ainm!\nCuiridh sinn seann-ghaisgeach ach an toir e cuideachadh dhut, {PLAYER1_NAME}!
136 Do-chreidsinneach!
137 Rinn thu a' chùis air gach uile saothair. Dè a-nis?\nNach toir sinn sùil air clàr-taice nan roghainnean? 'S urrainn dhut gleus a thoirt air torr... uill... roghainnean ann a shiud.\nMar eisimpleir, faodaidh tu stoidhle agus dath an t-soithich agad a thaghadh no d' ainm atharrachadh...
138 Cò as fhearr?
139 'S urrainn dhut liosta dhe na sgriosan, puingean 's mar sin air adhart a shealltainn le <{STATISTICS_KEY}>.\nA bharrachd air sin, seallaidh na h-àireamhan ri taobh d' ainm na sgriosan agad agus dè cho fad air falbh 's a tha thu on fhear as fhearr.
140 Meal do naidheachd, {PLAYER1_NAME}!
141 Tha thu air an t-oideachadh seo a choileanadh. Tha thu ullamh gus sabaid sa CHOGADH MHÒR a-nis. Ma tha thu airson barrachd cleachdaidh fhathast, cha leig thu leas ach feitheamh gus an nochd nàimhdean a-rithist. Cuiridh tu crìoch air an trèanadh le <Esc>.\n\nGabh tlachd à M.A.R.S.!
142 Dh'fhàillig leat!
143 Nach math sin, {PLAYER1_NAME}! Mhill thu an soitheach spaideil ùr agad. Na gabh dragh, bheir sinn fear ùr dhut. Fuirich ort diog...
144 Na mhothaich thu?
145 Tha do bheatha a' sìoladh air falbh! Cum sùil air bàr a' bheatha gu h-àrd. B' fheairrde thu laighe nuair a bhios e ro fhalamh.
146 Na mhothaich thu?
147 Tha an connadh a' ruith ort! Cum sùil air bàr buidhe a' chonnaidh. B' fheairrde thu laighe nuair a bhios e ro fhalamh.
148 Cha mhòr nach do ghlac thu e!
149 Cum sùil air ainm an nàmhaid agad. Nochdaidh an dath a th' air na puingean-beatha aige dhut. Mar as deirge a bhios ainm, 's ann as laige a bhios an nàmhaid.
// tabmenu collumns
154 Puingean
155 Sgriosan
244 Losgaidhean canain
267 Tadhalan
156 Marbhadh sgioba
157 Fèin-mhurt
158 Bàs
160 Iomlan:
161 Stadastaireachd
// Tool tips options menu
176 Seallaidh seo an àireamh de fhrèamaichean a thèid a chunntadh gach diog\nMa tha seo glè ìseal (<20) an-còmhnaidh, feuch an cuir thu gleus air cuid a roghainnean ann an taba na grafaigeachd!
177 Seallaidh seo an uiread de mhìrean gnìomhach.
178 Leigidh seo seachad glìocasan-sgrin mar a tha am fear seo.
179 Seo am fòrmat a thèid a chleachdadh nuair a shàbhaileas tu glacadh-sgrìn.
180 Nuair a bhrùthas tu air an iuchair seo, thèid glacadh-sgrìn a shàbhaladh an-seo: {CONFIG_PATH}screenshots/
181 Gearraidh tu leum dhan ath-thraca ciùil nuair a bhrùthas tu air an iuchair seo.
263 Gearraidh tu leum dhan traca ciùil roimhe nuair a bhrùthas tu air an iuchair seo.
264 Thèid an ceòl a chluich ann an òrdugh air thuaiream.
182 Ma thèid an àireamh seo de shoithichean a spreadhadh aig an aon àm, tòisichidh seo èifeachd mall-ghluasaid.
183 Seallaidh seo an obair a tha aig gabh bot.
184 Seallaidh seo na roinnean innleachdach a tha cudromach dhan inntinn fhuadain.
185 Seallaidh seo na slighean a chaidh àireamhachadh leis na botaichean.
186 Làn-mheudaichidh seo an uinneag ach an còmhdaich i an sgrìn gu lèir.
187 Bheir seo air a' gheama ùrachadh a-rèir astar ath-nuadhachaidh na sgrìn agad.\nBidh an geama nas rèidh le seo mar as trice.
188 Cuiridh seo èifeachdan snasail an comas a leithid sgeò na teothachd, ach lùghdaichidh seo dèanadas a' gheama.
189 Suidhichidh seo meud na h-uinneige.\nBidh buaidh aig seo air an dà chuid modh làn-sgrìn agus modh uinneige.
190 Air sgrìnichean le dùmhlachd-bhreacaidh àrd, cuiridh an roghainn seo lùbadh air na rionnagan cùlaibh.\nBidh piseach beag air dèanadas a' gheama ma dh'fhaoidte ma chuireas tu seo dheth.
266 Tarraingidh seo rionnagan a' gluasad air a' chùlaibh. Tha seo àlainn ach cuiridh e maille air dèanadas a' gheama.
191 Cuiridh seo gleus air uiread coitcheann nam mìrean.\nBheir luachan ìosal piseach mòr air dèanadas a' gheama.
192 Cuiridh seo gleus air dè cho fada 's a mhaireas mìrean gu coitcheann.\nBheir luachan ìosal piseach mòr air dèanadas a' gheama.
193 Cuiridh seo àirde na fuaime airson a' chiùil air gleus.
194 Cuiridh seo àirde na fuaime airson èifeachdan fuaime air gleus.
195 Cuiridh seo àirde na fuaime airson bhrathan air gleus.
243 Nuair a thèid an iuchair seo a' brùthadh rè geama, nochdaidh uinneag le stadastaireachd airson a' gheama ud.
269 Cuiridh seo gleus air luaths a gheama mar cheudad.
// Tool tips in the start-a-new-game-window
196 Suidhichidh seo sgioba nan cluicheadairean ionadail.
197 Cuiridh seo cluicheadairean ionadail an comas.
198 Cuiridh seo gleus air an uiread de shoithichean a bhios fo smachd na h-inntinne fuadain.
199 Na puingean a dh'fheumas sgioba a ruigsinn gus an geama a bhuannachd.
200 Na puingean a dh'fheumas cluicheadair a ruigsinn gus an geama a bhuannachd.
201 Cuiridh seo gleus air neart nam botaichean.
202 Cuiridh seo gleus air an uiread de chumhachdan a nochdas rè a' gheama.\n Cha bhi cumhachd sam bith ann ma shuidhicheas tu seo air neoni.
// Interface notifications
205 Chaidh glacadh-sgrìn a shàbhaladh!
214 An ath-thraca ciùil!
260 An traca ciùil roimhe!
258 Neach-ciùil:
259 Albam:
// 270
|